Aonghas MacNeacail
làir gheal aig ciaradh
língua: gaélico escocês
Traduções :
inglês (white mare at dusk), alemão (weisse Stute)
làir gheal aig ciaradh
làir gheal
air bràighe liath
am bial na h-oidhche
eadar tàmh agus luaths
cho bàn ri bruadar
chan eil càil ri innse
ach gur ise
làir gheal
air bràighe liath
am bial na h-oidhche
agus
àilleachd dhìomhair an deilbh
àilleachd eagallach an deilbh
agus
an fheitheamh dhorcha
gu briseadh là