Meg Bateman
Tha na Coineanaich Ghaolach Marbh air na Rathaidean
Tha na Coineanaich Ghaolach Marbh air na Rathaidean
Tha na coineanaich ghaolach marbh air na rathaidean
ann am pàilteas a’ Chèitinn de choineanaich is de chàraichean,
tha a’ ghaoth na ruith tron fheur fhada ghleansach,
na sealastairean nan seasamh gu caithreamach sna claisean.
’S tric a mhiannaich mi gu robh mi diofraichte’
seach mar a thà mi, gus do ghaol a ghlèidheadh,
gu robh mo chraiceann òrbhuidh, m’ anam sultmhor,
gu robh gràinean meala garbh nam sgòrnan.
Ach nuair a dh’fhosglas do bheul rim bheul-sa
tuitidh mi an comhair mo chinn dhan àm sa, dhan àite sa,
gun diù do shaoghal chèin na foirfeachd,
bidh mi gun sgàth, nam chat, nam gheàrr.
Chan fhaighte pòg na bu mhìlse air nèamh
na coinneachadh ar bilean ann am mionaid na tìme,
na coinneachadh na talmhainn nar làmhan sanntach
air bàirlinn a’ chruinne-cè luasganaich, mhireagaich.