Aonghas MacNeacail
fan thusa
语言: 苏格兰盖尔文
翻译:
英文 (you wait), 德文 (wart ab)
fan thusa
fan thusa
far a bheil na guthan a seinn
mar sheann iarunn
is na sùilean mar
sgàthan neon
ged a lìonadh tu gach
uair is latha le
fios is foghlum
cha chuir an eanchainn thairis,
cuir an sgoil a fhuair thu
fada sìos
an clais dubh domhainn nan
dod ’s nan tinneas mùchte,
bi na tràighean sligeach fhathast
fo do chasan rùisgte, deiseil
airson craiceann agus feòil
a sgàineadh,
tràighean bàna ’n t-samhraidh