Meg Bateman
Cìocharan
Cìocharan
An glasadh an latha
tha thu ag òl gu dian,
do shùilean ag amharc bhuat
gun bhrìgh na duinne dhomh;
tha ùghdarras sa ghrèim
a th' aig do dhà làimh air a' chìch,
is d' òrdagan a' pronnadh mo bhlian
ri caismeachd dhìomhair.
Feasgar nì thu brìodal:
nì thu dinneadh air an t-sine
is nì thu gàire 's i ag èirigh,
nì thu caogadh ri Dad mun cuairt oirre
is briosgaid na do dhòrn...
Ach a dh'oidhche
cha chuilean meata thu -
cha tàlaidh pòg air do bhilean thu
no duanag ga cagairt na do chluais -
spìonaidh do chorragan mo ghùn
agus le raoic asad dhan dorchadas
agraidh tu do chòir mar bu dual.