Meg Bateman
Ugh Briste
Ugh Briste
(Do Cholm, air trì bliadhna a dh’aois)
Sheas thu air ugh na Càsga
a bh’ agam bho aois m’ òige
’s tu dannsadh mun teine, cas-rùisgte.
Smaoinich mi mar a chomarraicheadh na Sìnich
le duilleig de dh’òr
an sgoltadh a bhiodh ann an soitheach briste,
is iad a’ dèanamh toileachas às a bhreòiteachd,
às a chàradh eadar bith is neo-bhith...
ach ’s ann a bha an t-ugh na mhìle pìos.
Is ged nach robh càil de bhreòiteachd
mun ràn a thàinig asad
’s tu bàthadh a’ chiùil ris an robh thu a’ dannsadh,
no mu na deòir theth bha a’ taomadh far do ghruaidhean,
chuirinn-sa òr air do chràdh aig an àm ud
’s tu ag aithneachadh nach buan a’ bhòidhchead.