Aonghas MacNeacail
plaide dheanntag
plaide dheanntag
eadar ceann agus sàil na leapa
plaide dheanntagan sgaoilte
far an robh achadh òg
far an robh cur is buain
far an robh gaol is gàire
far an robh breith is àrach
eadar ceann is sàil na leapa
coille lotach nan deanntag
’s an torachd mhìn-ghuineach
ann an neochiontas an duilleach
lot a bhreith is lot a bhàis
lot nan cleas is lot nan càs
aimsirean a dh’innseadh duilleag
dubh is gorm an ceann a chéile
samhla ’n airgid anns na féithean
seall am faicear dearc am falach
seall am faicear bil a phògas
ann a ràithe, brot an dòchais
friamhaichean nach ruig an cridhe
ach buin tha luasganach le beatha