Pàdraig MacAoidh (Peter MacKay)
Oighreachd
língua: gaélico escocês
Traduções :
inglês (Real Estate)
Oighreachd
Tha mi ag iarraidh ort creidsinn
gur e seo tobhta
air Loch Sgiopoirt
às an do dh’imrich
do shinn-seanair
o chionn linn:
uinneag gun arabocan,
clachan garbh-shnaighte,
faontraigh.
Tha laimrig gun bhùird
a’ màbachadh
o mhuir gu tràigh
mar chnàimhneach beathaich
a bhàsaich
a-mach à nòs.
Tha mi ag iarraidh
labhairt
mu eilean a chruthachadh:
cuimhne a dh’fhàgadh tu
gun aon sùil a-mhàin
a thoirt air ais.
Ach gu h-àraidh
tha mi ag iarraidh
gun ceannaich thu
còir
m’ ìomhaighean,
mo dhàin.