Pàdraig MacAoidh (Peter MacKay)
Nuair a smaoineachas mi air na tha do-thuigsinneach
língua: gaélico escocês
Traduções :
inglês (When I think of the incommunicable), alemão (Wenn ich an das Unvermittelbare denke)
Nuair a smaoineachas mi air na tha do-thuigsinneach
bidh mi a’ smaoineachadh air The Coffee Pot,
leis a bhùird gheail formica,
glut ’s geir pònaireain, isbeanain ’s chips,
guthan inbhich, cèin nan cainnt,
brot ach ’s Thioraidh ’s maebe,
an dòigh a lionadh tu glainne Choke dham bile
agus dhannsadh nan curracagan
mar shìthichean siùcair os cionn an duibh,
air neo tractor faisg air Anstruther,
a’ spreidheadh achaidhean,
Air Ride sunburst buidhe-uaine,
a’ gualain daoimeanan, boghachan-froise gun fheum,
eadar a’ chlach san sgrath neo air ais a-rithist
a rèir ’s mar a choimheadas tu air