Aonghas MacNeacail
gridlock agus gaol
gridlock agus gaol
air leathad na drochaid,
a suidhe na mo chàr, gun ghluasad,
ann an cuan de ghlainne ’s stàilinn,
cinn feirge ’s foighidinn
tromh na h-uinneagan, gun ghluasad,
ag éisdeachd ris an réidio,
naidheachdan an latha
’s fón astaigh, na guthan maotha
ùghdarrasach a cumail stiùir
air beachd is ceist, is
mise seo, nam chàr, gun ghluasad,
mar a tha gach ceann mun cuairt orm,
mar phrìosanaich nar ceallan dùrdail
ghlainne ’s stàilinn, ag éisdeachd
ris an réidio, na guthan maotha
cumail smachd air smuaint, ach
siud, mar chlaidheamh briathrach
mór, a sgudadh chinn nam maoth,
tha guth na feirge ’g éirigh a
fón-siùbhlach glaist an cuan de
ghlainne ’s stàilinn, fòs gun ghluasad,
ged a tha e gluasad mhonaidhean
de bhialachd is de bhriag, toirt
anail as na guthan maotha, gaoir
a chuthaich lasrach as an réidio,
bu siud an eas de dhìtidhean,
ach thàinig e gu tàmh, is ann an
sgàil’ an smuaint gun ghairm e
gaol da chéile, prìosanach gu bheil mi
anns an reothairt reòta seo, tha sinne
dlùth, is bì, is chunnaic mi, air gnùis
nam prìosanach, nan ceallan teann
de ghlainne ’s stàillinn, fiamh a ghàire
is leig mi fhìn mo smuaint an àird,
mar cholman gaoil, gu ruig e thu
gu ruig e thu