Pàdraig MacAoidh (Peter MacKay)
Ann an Cordoba
Sprache: schottisches gälisch
Übersetzungen:
englisch (In Cordoba), deutsch (In Córdoba)
Ann an Cordoba
Fhad ’s a bhios mi a’ feitheamh, deiseil, lem chamara
gus an leig thu le do ròb tuiteam dhan làr
bidh mi a’ smaoineachadh air planntachas giuthais duirch
air a chuartachadh le feansa shaltraichte
gàire on dàrna ùrlar ’s plathadh de chraicinn
bhàn-donn air cùl nan siutairean
lìon-anart geal a’ crochadh o fhor-uinneagan
ann am mìltean de dhùradain
mìog chabach ann an dubhair nan clabhstairean
fàileadh iadh-luis a’ grodadh sa phatio,
’s bheanainn riut, a ghràidh, le barr mo mheòirean:
dh’fhàgainn làraich corraigean nar n-allas air a’ bhalla.