Meg Bateman
Srainnsearan
langue: gaélique écossais
traductions:
anglais (Strangers), allemand (Fremde)
Srainnsearan
Duilleag bhàn-bhuidhe
a' tionndadh air a faillean 's a' teàrnadh,
a' fàs nas lugha, nas rèidhe,
mar d' aodann an-diugh
aig roundabouts is slipways
air na rathaidean gu deas,
a' sleamhnachadh bhuam,
sìos ioma-shlighe m' aineoil.
Agus fhathast laigh thu nam ghàirdeanan
fad na h-oidhche a-raoir,
is dh'fhàg do chruinnead, ghrinn òg
a lorg air mo bhoisean,
gam phianadh leis a' cùram
a bh' air Eubha mu Adhamh,
mise boireannach gun ainm,
is tusa gille bho thuath.