Aonghas MacNeacail
seo mo dhan
langue: gaélique écossais
traductions:
anglais (this is my poem/destiny), allemand (dies ist mein Geschick)
seo mo dhan
seo mo dhan
a bhi nam bhard
a seinn gu h-ard
is gaoth na
buidhre seideadh
seo mo chas
a bhi nam bhard
a seinn gu h-ard
gun chluas a bheir
dhomh eisdeachd
seo mo thlaths
a bhi nam bhard
a seinn gu h-ard
am briathran
siubhlach greiseach
oir seo mo dhan
is mi nam bhard,
bhi seinn gu h-ard,
a dh’aindeoin
leor no eiginn