Meg Bateman
Envoi
Envoi
Chunnaic mi eadar-theangachadh de dhàn agam
ann an duanaire de bhàrdachd ghaoil à Alba,
agus bu neònach leam gun robh an càirdeas
nach do mhair agamsa ach trì seachdainean,
ged a luidir an t-uisge-stiùir mi fad bhliadhnachan,
an sin an ainm a’ ghaoil a mhaireas.
Bu neònaiche buileach na h-ìomhaighean,
cuid a ghineadh ann an òrain Ghàidhlig eile,
cuid a tharraing saighead a’ chomhardaidh a-nuas,
is iad nan seasamh gu borb sa Bheurla,
gun iomradh fiù ’s gum b’i a’ Ghàidhlig
a’ bhean-ghlùine no am bogha.
Bitheadh an tàcharan ag imeachd -
tha a chaolan dhomhsa air a sgaoileadh;
ma labhras e ri feadhainn mun ghaol shìorraidh
gach beannachd leotha ’s guma fada beò an gaol ac’,
ach gur leamsa an taisbeanadh cinnteach àraid
nach ionann fìrinn na beatha is fìrinn na bàrdachd.