Pàdraig MacAoidh

gaélico escocés

 

New World

A cuimhne a’ fàilligeadh, dhòirteadh i
a’ chiad dram dhen oidhche trup ’s trup
agus chitheadh i càrn de chlaigeannan
air an t-sòfa, riabhan ’s breac mar a’ chat
a bhàsaich o chionn deich bliadhna,
agus thionndadh i ann an eagal a beatha
dha a fear-pòsta nach robh, a-rithist, an sin an sin.

Cha robh teas ann riamh shuas an staidhre
agus tha an talla a-nis dùinte le duvetan
’s frèamaichean-leapa luchd-màil sgaogach,
agus tha bratan Phàislig a’ grodadh san fhliche
anns an t-seòmar far an do chluich i,
aon samhradh m’ òige, Dvořák dhomh trup
’s a rithist, an New World Symphony a’ lìonadh
an aon t-seòmair san taigh le sealladh na mara.

Agus le sin bha i a’ ciallachadh na mara làn.

© Pàdraig MacAoidh (Peter MacKay)
De: unpublished
Producción de Audio: Literaturwerkstatt Berlin, 2014