Pàdraig MacAoidh

gaélico escocés

 

Bàta Taigh Bàta

Rinn i seòmar-cèilidh
à sparran tràlair a h-athair:
sin neo am fàgail nam malcadh
an àiteigin air cladach cèin.

Nan cuireadh tu do bhas air an darach
bha e eadar sàl agus gainmheach;
nan gnogadh tu air,
dhèanadh e scut.

Chrom sailthean an tobhta-bhràghad
ris a’ mhuir, dà mhile air falbh;
gach oidhche ghluais an taigh
ann am bòchain, a’ tarraing air acair.

Dh’fhuaimneadh mic-talla tron fhiodh
mar ghlaoidhean uilebheistean-mara,
dh’fhàs polaip agus grom fo sgeilp an TBh,
rinn an uinneag dùrdan drabasta,

fhuair a’ghaoth an similear mun amhaich
a’ feuchainn ri tharraing o mharachadh.
Fon bhòrd-chofaidh bha stòbhan-air-bòrd
a’ cagar gu gnù, ann an ceannairc.

Chumadh cas-cheum sean mharaiche a’ chamhanaich,
thairngreadh ròpanan an latha. Ri tìde
fuasglaidh i na snaidhmean, ga giùlan tron t-sìl.
Thèid a bristeadh air an t-slighe.

© Pàdraig MacAoidh (Peter MacKay)
De: unpublished
Producción de Audio: Literaturwerkstatt Berlin, 2014