Meg Bateman
Ealaghol: Dà Shealladh
Ealaghol: Dà Shealladh
Choimhead mi an t-seann cairt-phuist,
na taighean mar fhàs às an talamh,
na h-aonaichean nam baidealan os an cionn,
nan comharra air mòrachd Dhè,
mus d’ rinneadh goireas de bheanntan,
no sgaradh eadar obair is fois,
eadar an naomh is an saoghalta….
is shìn mi chun a’ bhodaich i.
“Eil sin cur cianalas ort, a Lachaidh?”
dh’fhaighnich mi, ’s e na thost ga sgrùdadh.
“Hoi, òinseach, chan eil idir!
’s e cuimhne gun aithne a bh’ agam oirre-se,”
is stiùir e ri bò bha faisg oirnn san deilbh,
“Siud a’ Leadaidh Bhuidhe, an dàrna laogh aig a’ Leadaidh Bhig – dh’aithnichinn, fhios agad, bò sam bith
a bhuineadh dhan àite sa rim bheò.”