Aonghas MacNeacail
cunntas
Idioma: gaélico escocés
Traducciones:
inglés (counting), alemán (zählen)
cunntas
’s a chaob chumhang seo
dhe’n a’ bhliadhna ’s na làithean
a’ dùnadh astaigh air a’ ghréin
bi thu cunntas nam bàs
na tha falbh a bha san aon sgrìob
bi thu tomhas dìlseachd do chlann
dhan chairt-iùil a dheònaich thu dhaibh
agus d’oghaichean mar a tha iad a dealbh
cànain nach tuig thu mìr no meur
nas fhasa bhi cunntas nam bliadhna
ged a b’fheàrr leat gun
is an té ud cho
bòidheach ’s a h-uchd a fàs
agus tusa fighe