Meg Bateman
Crìonag-Bhuidhe
Idioma: gaélico escocés
Traducciones:
inglés (Willow Warbler), alemán (Weidenlaubsänger)
Crìonag-Bhuidhe
Brag ris an uinneig
is togaidh mi às an fheur
dà òirlich de dh’eun
is òirleach eile de dh’earball,
snàthad de gob,
brù air dath na sòbhraig,
cridhe ga riasladh ri m’ fhear-sa mall.
Càraichidh mi mo bhilean air a cheann,
sròl ri clòimh,
stuth a laigh sa ghrèin òig,
an duslach na talmhainn,
an uisgeachan nam marannan,
a sheòlas a-steach air ospaig rèil dhuibh
an aiseid iùinibhears air taobh thall na tìme...
Ach a-nochd tha a’ bheatha a’ brùthadh nad fhèithean
is èiridh tu bhom bhois ann an sgiathalaich uaine.