Pàdraig MacAoidh (Peter MacKay)
Ann an Ard-Mhuseaum Bhreatainn
Idioma: gaélico escocés
Traducciones:
inglés (In The British Museum), alemán (Im British Museum)
Ann an Ard-Mhuseaum Bhreatainn
Gabh sinn oirnn, o sheòmar gu seòmar,
a’ togail selfie-an
ann an cumaidhean fhanaideach
a’ faighinn corra plathaidhean
dhen bun-dealbhan sna lòsan:
Venus a’ blaomadh san amar
Dionysus agus a phanthair
agus a bhoc-dheamhan ithyphallic
an rùda sa phreas à Ur
Takhebkhenem ’s am fear-tàileisg na bhoile
agus air a’ mharmor ud, an dèidh lidrigeadh
agus droinneadh, nan taigh-aire,
a’ cheud each, a’ bocadh le uamhas,
a’ giùlain marcaichean gun chinn
tro bhallachan pòrach, neo-phòrach.