Aonghas MacNeacail
leanabh gréine, leanabh gealaich
Language: scottish gaelic
Translations:
english (child of the sun, child of the moon), german (Kind der Sonne, Kind des Mondes)
leanabh gréine, leanabh gealaich
is d’aodann aig an uinneag,
a leanaibh cuimhne ,
’s tu a cunntas nan lòineag
is d’aodann aig an uinneag,
a leanaibh gréine,
le do shùilean mór òrach
mar lòchrain anns am faighear
an leus nach caochail
tromh dhuibhre na h-éiginn
do thiodhlac a bhi dlùthadh
ri craobh nan lainnir,
air raon geal do léirsinn
do chùlaobh ris an uinneig
is sìneadh ciaraidh
a ghleidheas do stòras
do cheann air a chluasag,
a leanaibh gealaich.
na do phlaidein de dhòchas