Aonghas MacNeacail
dusgadh
Language: scottish gaelic
Translations:
english (waking), german (aufwachen)
dusgadh
druim an eich mar thuinn a siubhal
ann am bruadar na tha cluinntinn
marcaiche na h-oidhche duirche
togail tairneanadh a talamh cruaidh,
nuair nach fhaic thu na tha tachairt
nuair nach fhaic thu na tha tachairt
thoir an t-saorsa dhan mhacmheanmhain
gu faigh an t-each a chruth saor fhein
nuair a tha am fon a durdan
’s gun do dheon am fon a fhreagairt
faic an t-each ’s a dhruim a luasgan
air a cheum gu dusgadh grein
inns dhan t-saoghal gu robh thu cadal
nach robh d’ iarraidh airson aisling
inns dhan t-saoghal gu robh thu marcachd
tromh’n oidhche dhubh gu dusgadh grein