Meg Bateman
Toileachas
Sprache: schottisches gälisch
Übersetzungen:
englisch (Contentment), deutsch (Zufriedenheit)
Toileachas
'S tric a chunnaic mi iad tighinn ri chèile,
dithis seann eòlach, dithis chroitearan,
is as dèidh dhaibh an latha a bheannachadh
seasaidh iad còmhla gun fhacal tuilleadh,
taobh ri taobh, chan ann aghaidh ri aghaidh,
is iad a' coimhead a-mach air an talamh
a chumas na fhilltean an uile cuimhne,
a' tarraing anail is cùbhraidheachd
tombaca, fuaradh is spùt nan uan,
's an t-eòlas ac' gun cuireadh cainnt
bacadh air a' chomanachadh òrbhuidh ud,
gum briseadh i a-staigh air am mothachadh
air na th' ann de dhualchas eatarra.