Pàdraig MacAoidh (Peter MacKay)
An t-Aoidean
Sprache: schottisches gälisch
Übersetzungen:
englisch (The Leak), deutsch (Das Leck)
An t-Aoidean
Tha a’ shisteal a’ snigheadh –
tro na bùird tha an t-uisge na ruith,
uisge ronnach ruadh
air drùidheadh tro stùr ’s iarann ’s fiodh.
Tha seo, neo rudeigin coltach ris,
a’ ruith tromhad, nad dubhain,
nad chuislean:
uisge le uallach tìd ’s cuideim.
Tha e a’ sileadh, oracail le smùid air,
a’ taisbeanadh rùintean-dìomhair an-oifigeil
na tha beò eadar dùrdain, ann an sgàinidhean,
nach bu chòir fhacinn ridobheò.