Aonghas MacNeacail
smuainteag bheag dhan duine mór
Sprache: schottisches gälisch
Übersetzungen:
englisch (a small thought for a big man), deutsch (kleiner Gedanke für einen grossen Mann)
smuainteag bheag dhan duine mór
mar chuimhneachan air somhairle mac ill eain
an latha ghabh thu an drochaid déile, eadar
a bheatha iomlaideach is cuimhne, bha deòir
air bràighean bàn nan aodann, mar chuachan
sàil, mar sgàthain tromh faicear na briathran
leugach beò, a chuir thu ann an eanchainn
do mhuinntir, mar shìl a tha, ann an dubhair
biadhchar na cuimhne, a dùsgadh fhriamhan,
a togail ghasan, gus am brùchdar amach a
choille thoirmreach beithe, tromh’n cluinnear
gach slat, gach duilleag, ag aithris do dhàin