Meg Bateman
Iomallachd
Iomallachd
Chan eil iomallachd sa Ghaidhealtachd ann –
le càr cumhachdach
ruigear an t-àite taobh a-staigh latha;
’s e luimead na h-oirthir
a shàraich na daoine
is a chuir thar lear iad
a tha gar tàladh-ne an-diugh,
na làraichean suarach a dh’fhàg iad,
cho miannaichte ti gin san rìoghachd.
Och, an iomallachd, càit a bheil thu?
Càit ach air oir lom nam bailtean,
sna towerblocks eadar motorways
far am fuadaichear na daoine
gu iomall a’ chumhachd,
an aon fhiaradh goirt nan sùilean
’s a chithear an aodann sepia nan eilthireach
(a bha mise riamh an dùil
gum biodh an Nàdar air dèanamh àlainn).