Pàdraig MacAoidh (Peter MacKay)
An Gearra-Bhall mu Dheireadh
An Gearra-Bhall mu Dheireadh
Canar gum bristeadh gearra-bhall
deigh nam marannan a tuath –
a sleagh mar phìc a’ sgrìobadh
san uisge reòite ioma-uaine –
an tòir air mhurcan agus shìolagan,
a sgiathan crùbte ga sparradh
tro chriostailean solais a’ phòla
a dh’fhàsadh air a bhian,
agus gun do dhùin an deigh
os cionn a’ cholca, a thum ’s a shlìob
mar dadam ann an clinamen
air neo aingeal na thuiteam,
’s an uachdar a’ fàs nas tighe ’s nas tighe.
Fhathast uaireannan fon dheighe
cluinnear cacradh nam mìle gob.
Aon là thèid mi a’ sealg le slat, dubhan
agus dineamait. Bu toil leam
mo chrògan fhaighinn air an iasg-eun,
a chnàimhean sgaoileadh fad ’s farsaing –
dhan Mhet, dhan Kelbhingrove –
ugh a reic o a brù airson leth fhortain,
a bian a lìonadh le gainmheach
gus acrachadh ann an seo, an-dràsta,
gus glugair a sgòrnain a chlàradh.