Meg Bateman
Ceòl san Eaglais
Ceòl san Eaglais
’S toil leam an coithional a fhreagras gu greannach,
dòchas a’ dìosgail tro bheathannan doirbhe,
’s toil leam còisirean ghuthanna geala,
solas a’ lìonadh àiteachan dorcha;
Ach is annsa leam an coithional nach seinn ach meadhanach –
an salmadair nach buail air na puingean àrda,
an tè a cheileireas os cionn na h-uile,
an t-òrganaiche a thòisicheas air rann a bharrachd;
Oir ’s ann an sin a thèid an gaol a dhùshlanachadh,
eadar àilleasachd is dìomhanas is breòiteachd dhaonna,
’s ann an sin ge b’ oil leam a nochdas am beannachadh –
am fios nach eil lorg air ceòl nas binne.